Taigh Iseabail Dhàidh

Chomharraich an taigh coiteir seo bho dheireadh an 19mh linn ath-bheothachadh air 19mh Lùnastal 2002. Air ath-thogail gu cùramach, tha e a’ toirt oirnn coimhead air ais ris an àm a dh’fhalbh air an eilean againn agus a’ taisbeanadh sgilean traidiseanta an eilein. Chaidh ballachan an taighe a thogail le Seumas MacCarmaig le cuideachadh bho uncail, Seumas MacCarmaig còmhla ri Pàdraig MacDhùghaill, iad uile à Lios Mòr. Chaidh na sailean an cur suas le Sìm Bevan à Àird Fheàrna ann an Earra-Ghàidheal, an tughadh le Jeremy Cox à Caisteal Dhùbhghlais ann an Siorrachd Dhùn Phris. Thàinig cuid den chuilc a chaidh a chleachdadh à Loch Bhaile nan Gobhainn ann an Lios Mòr, agus an còrr à Siorrachd Pheairt.
Anns a’ chiad bhliadhna a bha an taigh air ath-thogail, bhuannaich e Duais An t-Àite as fheàrr Tadhal air ann an Alba agus b’ e am buannaiche iomlan ann an Duaisean Turasachd UKFX 2003. Ghabh Dòmhnall MacIlleDhuibh, Mairead NicDhòmhnaill, an dithis a stèidhich an Comann, agus Co-òrdanaiche Nadair, Tony Perkins, an duais às leth a’ Chomainn aig seirbheis anns an Duck Bay Marina, Loch Laomainn tràth san Dùbhlachd 2003.
Bha teine mònadh sa phrìomh sheòmar anns an taigh air am biodhte a’ còcaireachd. Bha na ballachan air an nighe le aol agus b’ e làr chloiche no ùireach a bhiodh ann. Bha ruga aodaich dèante aig an taigh a’ cur beagan blàths air an taigh. Is iongantach mura robh na sèithrichean sìmplidh seo dèante air an eilean no air an toirt don eilean air na “pufairean” a bha a’ malairt sìos is suas a’ chosta an iar bho mheadhan an 19mh linn agus às dèidh sin.
Lorgadh a’ chreathail bhrèagha seo grunn bhliadhnaichean air ais nuair a bhathar a’ falamhachadh taigh air an eilean. Tha i a’ dol air ais gu meadhan an 19mh linn. Tha fàilte ro chlann a thig a thadhal agus an leanabh “Iseabail” a thogail agus faicinn mar a tha i air a h-èideadh ’s air a dèanamh blàth tèarainte air beulaibh an teine. Tha an dreasair air an làimh dheis mar mhac-samhail de chidsin bhon 19mh linn agus cidsin an latha an-diugh.
Bha sginean is grèimearan an teaghlaich ann, soithichean agus gach seòrsa de nithean riatanach eile sa bheatha làitheil anns an 19mh linn a dh’fheumadh teaghlach caran bochd.
Bha a’ chuibhle shnìomh ga cleachdadh airson lìon ach dh’fhaodadh a cleachdadh cuideachd airson clòimh. Tha dà dhealgan oirre a bheireadh cothrom do dh’oibriche sgileil a torradh a dhùblachadh le bhith a’ cur smachd air a’ char air na dhà aig an aon àm. Chaidh a toirt don Taigh-tasgaidh le Mgr Geoff Fairbairn a rinn suas às ùr i gu ìre a bhith ag obair. Thathar ga cleachdadh gu cunbhalach airson taisbeanaidhean ach thathar ga stòradh tron gheamhradh ann an àite seasgair far an deach an dealbh seo a thogail.
Chaidh na deilbh a leanas a thogail aig an fhosgladh air 19 Lùnastal 2002 agus an obair air an togalach a’ dol air adhart.












