Sgeul Achadh an Aird

Suas gu meadhan na naoidheimh linn deug, bha Lios Mòr na àite cudromach do thaobh Siar na Gàidhealtachd a thaobh gràin: bha gach mìr de thalamh àiteachais ga chleachdadh gus coirce fhàs airson biadh agus fodar bheathaichean, eòrna airson grùdaireachd uisge-bheatha a thuilleadh air gràn airson na màil a phàigheadh. Gu timcheall air 1800, bha luchd-gabhail ag àiteach fearann nam bailtean còmhla nam feannagan agus bha an obair cruaidh. Bha na feannagan air an ath-chumadh airson gach bàrr le crann no saothair làmhe, bha an leabaidh sìl air a cliathadh, an sìol air a chur, na feannagan air am priogadh agus bha na buachaillean ’s na banaraich air an cumail a’ dol a’ cumail nam beathaichean a-mach às an arbhar. Bhathar a’ buain le corran le sgioba gan leantainn a’ ceangal nan sguaban agus a’ cruinneachadh nan diasan a thuit; agus an uair sin bha cartadh ann, stòradh, bualadh agus tiormachadh a’ ghràin san àthaidh. Bha na bailtean làn daoine agus bha feum air an cuid saothrach.

Bha Achadh an Àird (achadh àrd) a bha na roinn fearainn àrsaidh de 4 merkland ann an ceann a deas an eilein, gu h-àraid duilich àiteach. ’S e glè bheag de thalamh còmhnard a th’ ann saor bho chloich; tha a’ mhòr-chuid den àite seo nas àirde na na bailtean fearainn mun cuairt ann am Fiart, Achadh an Dùin agus Cille Chiarain; agus tha na leòidean mu choinneamh Mhuile fosgailte do làn neart na gaoithe àbhaisteach bhon Iar-dheas. A dh’aindeoin sin, bha na h-uachdarain a’ tagradh màl àrd; ann an 1751, aig dìreach thairis air £11, bha e cus na b’ àirde na bailtean a b’ fheàrr le daoine leithid Baile nan Gobhann agus Cill Eòin.

Bhiodh a’ mhòr-chuid de na daoine a’ fuireach ann am baile-fearainn Achadh an Àird, a chithear air mapa na h-oighreachd ann an 1815, ach a-nis na bhaile bàn os cionn Loch Fiart. Anns na 1780an, bha co-dhiù ochd teaghlaichean a’ còmhnaidh ann a’ toirt chloinne air adhart airson baisteadh:

Gilleasbaig MacIlleDhuibh (Seònaid)
Donnchadh MacIlleDhuibh (pàiste gun ainmeachadh)
Iain MacIlleDhuibh agus Christian NicCholla (Cailean & Alasdair)
Iain Caimbeul agus Màiri NicIlleDhuibh (Dùghall & Eòghainn)
Gilleasbaig Caimbeul agus Sàra NicIlleDhuibh (Caitrìona)
Seumas Dòmhnallach agus Christian Nic a’ Chombaich (Agnes)
Iain MacFhithich agus Màiri NicIlleDhuibh (Màiri & Ùistean)
Iain MacFhilip agus Christian NicCharmaig (Donnchadh & Anna).

A’ cleachdadh tuairmse chuimseach de thriùir chloinne gach teaghlach, agus a’ ceadachadh do luchd-còmhnaidh nach robh pòsta agus feadhainn nas sine, chan urrainn gun robh a’ choimhearsnachd de luchd-gabhail, coitearan agus luchd-ceàird ann an Achadh an Àird ann an 1785 nas ìsle na 50 agus thathar a’ creidsinn gun robh nas àirde na sin. B’ iad sin na daoine a chaidh fhuadach anns a’ chiad fhalamhachadh ann an Achadh an Àird.

 

Sketch map of Achanard & surrounding townships (approximate boundaries only)

Sketch map of Achanard & surrounding townships (approximate boundaries only)

Sgeidse de Achadh an Àird agus na bailtean mun cuairt (tha na crìochan tuairmseach)

B’ e Daibhidh Caimbeul à Combaidh an t-uachdaran aig an àm. Bha athair, Iain Caimbeul (mac Alasdair Chaimbeul à Gleanna Machraidh) air soirbheachadh mar neach-reic chruidh agus cheannaich e Fiart agus Achadh an Àird bho Dhiùc Earra-Ghàidheal timcheall air 1750. Bha Daibhidh Caimbeul gu mòr an sàs anns a’ ghluasad airson feabhas a thoirt air àiteach, a’ faotainn crodh don Diùc agus mar sheumarlan do Dhiùc Chataibh. A’ tuigsinn gun robh Achadh an Àird nas freagarraiche airson stoc a chinneadh, le comas air màil nas àirde, dh’òrdaich an Combach am fearann a roinn suas ann am pàircean glasaich le ballachan cloiche mun cuairt orra, agus dh’fhuadaich e a’ mhòr-chuid de na daoine a chionn ’s nach robh feum tuilleadh air sgioba mhòr obrach. Thugadh caoraich Cheviot a-steach. Ann an 1789, dh’fhaodadh gur e Iain MacFhilip an t-aon neach-gabhail a bha air fhàgail, agus mar a tha an litir a leanas a’ taisbeanadh, bha e an ìmpis a bhith air a chur a-mach às an taigh. Mar a thachair, cha d’ fhuair e talamh ann an Achadh an Dùin agus ghluais e gu Cille Chiarain.

Lios Mòr 7mh Faoilleach 1789
Alasdair Caimbeul Uasal à Barra Challtainn
A Dhuin’ Uasail chòir
Tha Iain MacFhilip, a tha e fhèin agus a shinnsearan air a bhith nan daoine coibhneil an-còmhnaidh agus nan luchd-leantainn don teaghlach ann an Dùn Stafhainis, gu làithreach na neach-gabhail aig Combaidh ann an Achadh an Àird, ach a thaobh ’s gu bheil a’ mhòr-chuid den fhearann a-nis dùinte dheth agus air a roinn ann an geàrraidhean glasaich, tha e riatanach a’ mhòr-chuid den luchd-gabhail a thionndadh air falbh. Mar sin, tha mi a’ guidhe gum bi sibh cho math agus leigeil leis an neach seo leth-mharg (tomhais fearainn) fhaotainn ann an Achadh an Dùin, a tha mi an dùil a bhios mar an dara pàirt deug dheth, aontaichidh e a’ mheudachadh no an in-chur a gheibh sibh bho chàch a phàigheadh. Bidh mi fada nur comain ma dh’aontaicheas sibh.

Ur searbhant iriosal.
Dòmhnall Caimbeul [à Dùn Stafhainis]

Ann an liosta shìnteasan carthannais ann am pàipear Dhùn Èideann, an Caledonian Mercury, tha dà neach-gabhail à Achadh an Àird mu 1800 (Gilleasbaig MacIlleDhuibh agus Lachlann Caimbeul, ris an canaist daoine de shusbaint), ach eadar 1800 agus 1810 chan urrainnear ach aon neach-gabhail, Iain MacPhàil agus an uair sin Niall MacIlleDhuibh, a lorg.  Ach, tha clàran baistidh na paraiste a’ taisbeanadh gun do thòisich teaghlaichean eile air gluasad air ais bho 1810, bho bhailtean Fhiart agus Achadh an Dùin. B’ e coitearan a bhiodh ann an cuid dhiubh sin, air am brosnachadh gu bhith a’ sireadh talmhainn gun àiteach ann an eilean san robh cus sluaigh. Thug an suirbhidh a rinneadh air an oighreachd ann an 1815 aithne do cheithir lotaichean ann an Achadh an Àird (de 84, 63, 48 agus 20 acaire, a’ chuid as motha na thalamh ionaltraidh) agus tha am mapa a tha leis (faic gu h-ìosal) a’ sealltainn gun robh àireamh de dh’achaidhean àitich air am fosgladh air an taobh an ear. Tha gun robh comas aig na coitearan ’s an teaghlaichean agus na thàinig às an dèidh air fuireach thar nan ath thrì bliadhna fichead, an crochadh ’s dòcha air duilgheadasan le cùisean ionmhais Chombaidh, agus gun robh an teaghlach a’ call ùidh ann an àiteachas. Cheangail Daibhidh Caimbeul Chombaidh suas a chuid fearainn air Lios Mòr gu laghail ann an 1808 gus bacadh a chur air a chuid oighrean bho am fearann a reic, ach goirid an dèidh a bhàis ann an 1814 (bha Iain, a mhac a bu shine air a dhol às an rathad ann an cogadh nan Ìnnseachan ann an 1804), thàinig air an dàrna mac aige, Teàrlach (1782-1835), a’ mhòr-chuid de a dhìleab nach robh ceangailte a reic, a’ gabhail a-steach dachaigh an teaghlaich. Thàinig aige air oighreachd Ghleann Chruitean a chumail, agus airson a’ chòrr de a bheatha tha coltas ann gun robh e an sàs ann an leasachadh an Òbain, còmhla ri Diùc Earra-Ghàidheal ag atharrachadh a’ bhaile gu borgh bharanachd ann an 1820, nuair a fhuair e gu bhith na phròbhaist. Tha cuimhne air an àite a bh’ aige sa bhaile ann a dhà no trì de na h-ainmean sràide sa bhaile.

Tha na liostaichean de theaghlaichean a chithear aig deireadh an artaigil seo, a’ nochdadh gun robh eadar 1810 agus 1840 sia no seachd de theaghlaichean MhiclleDhuibh, Caimbeulach, MhicIlleMhìcheil, MhicShithich agus MhicDhòmhnaill gu h-àbhaisteach a’ còmhnaidh ann an Achadh an Àird, ach bha mòran gluasaid ann le teaghlaichean a’ dol bhon bhaile-fearainn seo gu Fiart, Achadh an Dùin, Cille Chiarain agus Creag Innis. Ged a tha na tobhtaichean ann an Achadh an Àird a’ taisbeanadh gun robh suidheachadh beatha nan coitearan sin glè bhunasach, thairis air an dà fhichead bliadhna bho 1800 gu 1840 bha còrr agus 55 neach cloinne air am breith sa bhaile. Thigeadh cuid aca gu bhith a’ sireadh beatha ùr san t-Saoghal Ùr. Taing don obair a rinn Cheryl Nic an Tòisich à Massachusetts, tha fios againn a-nis gun dh’imrich Gilleasbaig MacIlleDhuibh a bha na neach-gabhail ann an Achadh an Àird, gu Eilean Cheap Breatainn ann an Alba Nuadh timcheall air 1820, agus ro 1823 bha e air tuathanas de 270 acairean a cheannach an sin airson 85 notaichean Alba Nuadh (beagan nas lugha na £85 Breatannach). Tha e follaiseach gur e duine le brìgh agus susbaint a bh’ ann, a’ sealltainn nach eil e ceart a bhith a’ nochdadh às-imrich mar dhaoine a tha a’ fulang. Tha litrichean à Ceap Breatainn gu ruig Fracarsaig anns na 1840an a’ taisbeanadh gun robh Clann MhicIlleDhuibh ann an lìonmhorachd ann an Lios Mòr. Fhuair Gilleasbaig bàs ann an 1846 ach tha rannsachadh na Mnatha-Uasail Nic an Tòisich ag innse gun do shoirbhich leis agus gun do dh’fhàs a theaghlach lìonmhor san t-Saoghal Ùr.

Aig a’ cheart àm, bha Teàrlach Crombaidh air a bhith a’ feuchainn ri Achadh an Àird agus Fiart a reic ri Seumas Cheyne, fear-lagha beairteach ann an Dùn Èideann, ach thàinig buill eile den teaghlach eatarra a chionn ’s gun robh an oighreachd air a ceangal suas. Chaidh a’ chùis mu dheireadh gu Taigh nam Morairean a rinn riaghladh gum faodadh an reic a dhol air adhart, agus mus do ghabh Seumas Cheyne seilbh ann an 1842 bha Achadh an Àird air fhuadach airson an dàrna turas agus an turas mu dheireadh. Ann an Cunntasan Sluaigh 1841 agus 1851, cha robh ach aon teaghlach a’ còmhnaidh ann le cìobair aig an ceann (ann an 1851, Pàdraig MacShithich, a bha air a bhith a’ fuireach ann sna 1820an agus 1830an) ach ro 1861 bha am baile bàn.

Ghluais muinntir Achadh an Àird a chaidh fhuadach timcheall air 1840 dha na bailtean-fearainn mun cuairt ach cha tug an t-uachdaran ùr a thàinig a-steach mòran fois dhaibh. Tro na 1840an agus 1850an, dh’fhalamhaich an teaghlach Cheyne na bailtean-fearainn ann an iar-dheas an eilein (Fiart, Cille Chiarain, Baile Grunndail agus Creag Innis) a’ tighinn gu còrr air 200 duine. Don chuid mhòr aca, cha robh roghainn ann ach imrich à Lios Mòr.

Buidheachas: Tha mi taingeil do Chaitrìona NicIlleBhàin airson a h-eòlais mhionaidich air ceann a deas Lios Mòr; agus do Cheryl Nic an Tòisich à Massachusetts sna Stàitean Aonaichte, a sholaraich mòran fiosrachaidh mun choloinidh à Lios Mòr a thuinich ann an Eilean Cheap Breatainn.

 

Section of the 1815 estate map of Fiart & Achanard. The Bishop's land was Kilcheran.

Section of the 1815 estate map of Fiart & Achanard. The Bishop’s land was Kilcheran.

Earrann de mhapa oighreachd Fhiart & Achadh an Àird ann an 1815. B’ e Cille Chiarain fearann an Easbaig.

Teaghlaichean a’ fuireach ann an Achadh an Àird ann an 1790-1840 (bho chlàran baistidh Paraiste Lios Mòir.)

1790-1800
Iain MacFhilip (Cille Chiarain 1793)

1800-1805
Iain MacPhàil

1806-1810
Niall MacIlleDhuibh & Màiri Nic an t-Saoir

1811-1815
Gilleasbaig MacIlleDhuibh & Iseabail NicCholla

Ùistean MacIlleDhuibh & Oighrig NicIlleDhuibh (bho Rubha Fhiart an dèidh 1808)

Niall MacIlleDhuibh & Màiri Nic an t-Saoir

Cailean Caimbeul & Ciorstaidh NicIlleDhuibh
Ùistean MacIlleMhìcheil & Ciorstaidh NicArtair (à Achadh an Dùin an dèidh 1810)
Iain Mac an t-Saoir & Caitrìona NicNeacail

 

1816-1820
Gilleasbaig MacIlleDhuibh & Iseabail NicCholla
Donnchadh MacIlleDhuibh & Seònaid / Neilidh NicShithich (Fiart aig 1823)
Niall MacIlleDhuibh & Màiri Nic an t-Saoir / NicIlleDhuibh (Rubha Fhiart aig 1822)
Cailean Caimbeul & Ciorstaidh NicIlleDhuibh
Ùistean MacIlleMhìcheil & Ciorstaidh NicArtair (air ais gu Achadh an Dùin aig 1819)
Donnchadh MacShithich & Seònaid NicIlleMhìcheil

1821-1825
Cailean Caimbeul & Ciorstaidh NicIlleDhuibh
Donnchadh MacIlleDhuibh & Seònaid NicEalaich
Seumas MacIlleDhuibh & Caitrìona NicCholla
Seumas Burns & Lilidh Chaimbeul
Seumas Caimbeul & Iseabail NicIlleDhuibh
Donnchadh Caimbeul & Peigi NicCholla
Niall MacDhòmhnaill & Flòraidh NicEalaich (MacDhòmhnaill) (bho Rubha Fhiart an dèidh 1820)

1826-1830
Cailean Caimbeul & Ciorstaidh NicIlleDhuibh
Seumas MacIlleDhuibh & Caitrìona NicCholla (Cille Chiarain aig 1830)
Donnchadh Caimbeul & Peigi NicCholla
Seumas Caimbeul & Iseabail NicIlleDhuibh
Maoilios MacShithich & Ciorstaidh NicGhlaisein
Pàdraig MacShithich & Seònaid NicEalaich
Niall MacDhòmhnaill & Flòraidh NicEalaich (MacDhòmhnaill)

1831-1835
Gilleasbaig Caimbeul & Peigi NicShithich (à Creag Innis an dèidh 1832)
Seumas Caimbeul & Iseabail NicIlleDhuibh
Maoilios MacShithich & Ciorstaidh NicGhlaisein
Pàdraig MacShithich & Seònaid NicEalaich (ann an Creag Innis aig 1838)
Dùghall Mac an t-Saoir & Peigi Chaimbeul
Seumas Burns & Màiri NicIlleDhuibh

1836-1840
Gilleasbaig Caimbeul & Peigi NicShithich (ann an Cille Chiarain ann an 1840)
Seumas Caimbeul & Iseabail NicIlleDhuibh (ann an Creag Innis aig 1841)
Maoilios MacShithich & Ciorstaidh NicGhlaisein (ann an Cille Chiarain aig 1840)
Dùghall Mac an t-Saoir & Peigi Chaimbeul

Raibeart Hay

Àireamh Carthannais – SCO 023503

Còraichean glèidhte le LGHC 2013  Log a-steach
POILEASAIDH  PRÌOBHAIDEACHD
NA  CUMHAICHAN
Dealbhadh làrach-lìn le Andy Walters

ÀÀÀÀÀ