Donnchadh Mac an Lèigh

by | 5 Feb 2026 | Blog, People

English

Cha bhiodh smuain sam bith aig na luchd-siubhal eadar Port Ramasaigh agus Lagain air ciamar a thàinig an rathad seo gu bith. Gu h-àraid chionn ‘s nach e rathad a tha fo smachd a Chomhairl’ a th’ann – mar a tha rathad Baile nan Ghobhainn, Bail’ Ur neo an t-Sailean ach tha e fior mhath.

Cha bhith smuain sam bith aca gus an ruig iad an clach-cuimhneachan seo.

A fàgail Port Ramasaigh, thairis an drochaid agus a dol seachad air na carabhans gus a chi iad na taighean, innsidh an clach seo dhaibh gur e seo an obair a rinn aon duine agus a bha ag obair air fad a bheatha.

An diugh, tha fhios againn air mar rathad Donnchadh, agus tha na daoine a tha fuireach agus a tadhal an seo gu math taingeil air a shon.

Rugadh Donnchadh Aonghas Mac an Leigh ann an Lagain, 20mh de’n Cheitein 1935. Mac gu Eachann agus Peigi, brathair gu Mairead. Nuair a ghabh e thairis an tuathanas ann an 1961 bha e comasach an tractair a thoirt a staigh air an cladach nuair a bha a mhuir iosail. Chionn ‘s gun robh e leis fhèin, agus cha robh ann ach dà thaigh eile a bha falamh, shaoil e gum biodh rathad feumail agus ann an 1965 thoisich e air an rathad a thogail. An deidh sia bliadhna b’urrain dha draibheadh air bho Port Ramasaigh dhachaidh.

Na tri taighean a bh’ann an uair sin a nise shuas gu deich taighean.

‘S e na daoine a tha fuireach anns na deich taighean a chuir air bhonn an clach-cuimhneachan seo, Stephen Grindrod os cionn, a rinn an clach-cuimhneachan seo le clach bho’n an rathad fhein, thainig daoine comhla airson seo ‘fosgladh’ air 14mh de’n Sultain 2025.

Abair fuss, chanadh e thuirt Anne, baintreach Donnchadh, ach thuirt I cuideachd gum biodh e air a dhòigh glan leis an cuirm bheag. Bha e an comhnaidh cairdeal agus gheibheadh daoine fàilte bhlàth uair sam bith. A bharrachd air obair tuathanas agus a togail an rathad, bha Donnchadh an sàs ann am iomadh rud. Gu h-àraid rinn e tòrr obair airson an Comann Eachdraidh, chuir e air adhart a Chèilidh Bhliadhnail, bha e na fhear-cathrach airson iomadh bliadhna agus ann an 2007 thug e fàilte bhlàth gu daoine a thàinig airson am Bliadhna Tilleadh Dhachaidh.

Shiubhail Donnchadh air 10mh de’n Cheitein 2023. ‘Se latha breagh’ a bh’ann nuair a chruinneach tòrr daoine airson an tiodhlacadh aige. Bha an Eaglais làn airson cuimhneachadh air.

Tha an clach-cuimhneachan ann gus am bi daoine cuimhneachadh air agus an obair a rinn e an comhnaidh.

Sgriobh Mairi NicDhughaill am pios bàrdachd a tha leantainn seo agus tha beagan dheth air an clach.

 

A Tribute to Duncan Livingstone

Tuilleadh cuimhneachan air Donnchadh:

Hugh and Peggy Livingstone with Margaret and Duncan

Uisdean ‘s Peigi Mac an Leigh le Mairead ‘s Donnchadh

The Oban games 2013 Heritage Stall

Cruinneachadh Earra Ghaidheal 2013 Donnchadh Mac an Leigh Fear-Cathrach CELM

Heritage exhibition 9.02.06 Duncan Livingstone and John Livingstone

Taisbeanadh CELM 9/2/06 le Donnchadh Mac an Leigh ‘s Iain Mac an Leigh

Donnchadh Mac an Leigh a’ seinn aig ceilidh CELM 2005

Museum 10 year celebration 28.03.17 Duncan Livingstone

Comharrachadh deich bliadhna dha’n Taigh Tasgaidh 28/3/17, Donnchadh Mac an Leigh a gabhail pairt ann

Duncan Livingstone opening Homecoming Scotland 19.07 2009

Donnchadh Mac an Leigh a’ fosgladh Bliadhna Tighinn Dhachaidh 19/7/2009

Margaret and Duncan Livingstone, Catherine Carmichael, Duncan MacGregor, Mairi Smith , Jimmie MacCormick

Mairead NicDhomhnall – piuthar Donnchadh, Donnchadh Mac an Leigh, Catriona NicIlleMhicheil, Donnchadh MacGriogair, Mairi Nic a Ghobhainn, Seumas MacCarmaig