Gearr-sheanchais airson an Coinneamh
a bh’air a chumail air 21mh de’n Gearran 2013
An lathair: Donnchadh Mac an Leigh, Jennifer Baker, Donnchadh Drysdale, Raibeart Hay, Catriona NicGriogair, Iain Mac an Leigh, Lorraine King, Mairead NicDhomhnaill, Memory NicDhomhnaill, Donnchadh MacFhearguis.
Leisgeulan: Barabal NicDhughaill, Domhnall MacIlleDhubh, Pauline Dowling, Freda Drysdale, Nic Jones, Eardsaidh MacGillebhrath
Chaidh aontachadh leis na gear-sheanchais mu dheireadh le BH agus DD.
Gnothaichean ag eirigh as:
Thainig litir a staigh bho’n Eaglais mu dheidhinn na clachan. Tha e ag innse dhuinn gu bheil an uallach air an cladh le Comhairle Earraghaidheal ‘s Bhoid.
Litir gu daoine a fhathast a dol.
Dh’iarr BH £200 airson stuth mu dheidhinn an Plana Balanaich. Chaidh aontachadh leis a seo agus taing to NJ airson an obair a rinn e air seo.
Tha an cuairt-litir deiseil. Bi MMD a cuir seo a mach a dh’aithghearr agus a faighneachd airson ballrachd-bhliadhnail leis.
Manadsear an Ionaid
Bha comhradh ann a thaobh seo. Gu h-araid mu dheidhinn na thuirt Catriona NicIlliosa mu dheidhinn toirt an obair seo gu cuideigin airson am bliadhna seo leis an t-airgiod a th’againn. Bha DD ag aontachadh le seo agus dh’aontaich a Bhuird leis a seo. Canaidh CELM ri NJ sanas a dheanamh suas air a shon.
Fosgladh, An Larach-lin agus an Taisbeanadh
Bi an larach-lin a dol beo bho’n 29mh de’nn Mhart. Cuideachd bi am fosgladh ann airson an taisbeanadh ur “Fear-Treabhadh Lios Mor”. Tha sinn a faighinn crann bho Jack Reynolds agu Auchindrain. Gheibh DF an crann bho Jack agus MBS bho Auchindrain.
Tha an Taigh tasgaidh air botul fion fhaighinn bhon am bata “ A Pheigi”. Bi e againn dhan an Damhair agus tha sinn a toirt taing gu Mgr & Bh Phosda Evans a Port na h-Apuinn airson an iasad.
Bha tuilleadh comhradh ann mu dheidhinn uidheam na h-eich aig An t-Achadh Ur. Tha coinneamh gu bhith ann air Diluain 25mh de’n Gearran aig 2f le DF, DL, JL agus BH.
Bi an Taigh Tasgaidh fosgailte bho 11m gu 4f bho’n dol a mach. Thug sinn taing dha na daoine a tha airson barrachd obair a deanamh aig a Ghiblein nuair a tha daoin’ eile traing leis na h-uain.
A Bhuth
‘Se Leslie Hamilton a bhios a coimhead as deidh a Bhuth. Bi i seo uair sa mhios airson latha neo dha.
Bi sinn a reic an stoc a th’againn air Dimairt 26mh de’n Gearran eadar 12f agus 3f. Tha torr stuth leth phris.
Rud sam bith eile
Glanadh an Taigh Tasgaidh 6h de’n Mhart, JB, LK, PD, BH, Ealasaid Caimbeul agus Carol NicIlleathain.
Tha An Dtr Iain MacDhomhnaill an sgriobhadair le “Bishops of Argyll and the Isles” deonach oraid a thoirt dhuinn.
Tha deireadh seachdainn san Cheitein dol a tachairt.
Tha na Archeology Walkovers a bhith air leth math. Tha an ath fhear aig Baile Bheolan Diciadain 13mh de’n Mhart.
Tha coinneamh Bord na Gaidhlig air 5mh de’n Mhart aig uair feasgar san Taigh Osda Caledonian, tha DF agus BH dol ann.
Tha JB agus LK a dol gu cursa MGS ann an DunEidean air 1mh de’n Mhart. Tha an cuspair mu dheidhinn a cuir Facebook agus Twitter gu feum.
Tachairtean – Latha Croitearachd agus Margaid Tuathanas An t-Iuchair/An Lunasdal, 22mh de’n Mhart an Oraid aig Iain MacNeacail air an Aithris Dewar, taisbeanadh de’n obair aig Gill Bridle san leabhar lann An Damhair.
Thuirt NJ gu bheil na soigneachan a cost £220. Dh’aontaich an comataidh le seo.
Thuirt MD nach robh Mairead Lobban toillichte nach robh an leabhair aice san leabhair aig a Taigh Tasgaidh. Bha an comataidh duilich mu dheidhinn seo agus airson seo a chuir ceart bi sinn deanamh cinnteach gu bheil e air an larach lin ur.
Dhuin an coinneamh aig 8.45f
An ath choinneamh 21mh de’n Mhart

