An Dublachd 2012

 

 

new logo 

 

 

Comann Eachdraidh Lios Mòr

 

          AIREAMH CARTHANNAIS/Charity No. SC023503

 

 

Gearr-sheanchais airson an coinneamh a bh’air a chumail air

6mh de’n Dubhlachd 2012

 

An lathair: Fir-Stiuiridh:  Donnchadh Mac an Leigh, Jennifer Baker, Donnchadh Drysdale, Raibeart Hay, Eardsaidh MacGillebhrath, Iain Mac an Leigh, Nic Jones, Ceitidh NicGriogair

Comataidh:Mairead NicDhomhnaill, Lorraine King, Donnchadh Feargasdan, Barabal NicDhughaill.

 

Leisgeulan: Domhnall MacIlleDhuibh, Freda Drysdale, Pauline Dowling

 

Chaidh aontachadh leis na gear-sheanchais roimhe le JL agus MD

 

Gnothaichean ag eirigh as:  Bhruidhinn BMD le Sim Leodhas a tha dochasach gum bi a balla aig Caisteal Coeffin air a charadh a dh’aithghearr.

A thaobh na clachan san cladh bi BMD a dol chun an coinneamh aig an Kirk Session an ath Diardaoin.  Rinn BH suas litir dhan an Kirk Session ag radh gu bheil Historic Scotland airson na clachan a bhith air ar togail.  Bhiodh e toillichte ag obair comhla riutha air seo.  Tha leth-bhreac air falbh dhan a Mhinisteir.

 

Cunntas Banca Dail Chluaidh :  Thuirt DD gu bheil ainmean a dh’ith airson a bhanca.  Chuir DD air adhart gum biodh e na b’fhearr an t-airgiod a thogail a mach a Banca na h-alba agus ga chuir gu Banca Dail Chluaidh.  Dh’aontaich a h-uile duine le seo.

 

Airgiod dol a mach:  Sgaoil DD leth-bhreacan dheth seo agus bha airson gum biodh seo air aontachadh ris agus bha le BH agus JL.

Bith sinn a coimhead air structur an comataidh sa bhliadhn’ ur.  Shaoil BH gum bu chorr na curators, archivists, librarian, runaire na ballrachd, agus duine sam bith a bha na fir-stiuiridh airson a bhith ann cuireadh fhaighinn airson a bhith air an comataidh.  Bha seo air aotachadh le DD agus NJ.

 

Airgiod airson Manadsear an Ionad:  Leugh JB a mach litir bho Catriona NicIlliosa far a bheil I ag aontachadh seo a dheanamh.

 

Larach-Lin:  Tha seo a tighinn air adhart gle mhath.  Thainig an duine a staigh airson latha an seachdainn seo chaidh airson obair comhla ris a bhuidheann.  Taing gu PD,JB agus LK airson an obair a tha air a dheanamh gu seo.

 

 

Plana air adhart:  Bha seo air aontachadh le JB agus JL.  Taing gu BH airson an obair mhor a rinn e airson seo.

Aontachadh le Poliseadhan an Taigh Tasgaidh:  Feumaidh na poliseadhan seo a bhith again airson accreditation.  Tha iad air a dheanamh suas/air a chuir ceart leis a doighean obrach air Taigh Tasgaidhean na h-Alba. Chaidh aontachadh le seo leis a chathair.

 

Doighean Obrach airson Stiuiridhean Ur:  Feumaidh fhios a bhith aig Fir-Stiuiridhean a thaobh memoranda and Articles; Am Plana dol air adhart; cunntais agus gearr-sheanchais a Choinneamh Bliadhnail cuideachd na gear-sheanchais airson an coinneamh mu dheireadh. Airgiod tighinn a mach as a bhanca; OSCR agus an doigh a tha coinneamhan an comataidh ag obair.

Taobh a staigh da mhios bi Fir-Stiuiridh ur a fhaighinn turas taobh a staigh an Taigh Tasgaidh.  Tha DD dol a dh’fhaighinn a mach a bheil rud coltach ri seo airson Companies House.

 

Plana Trioblaid:  SgaoilNJ paipearan de bha corr a bhith air a dheanamh ma tha trioblaid ann (teine, uisge etc) ann.  BheirNJ leth bhreac dheth seo dhan an ath coinneamh airson accreditation.  Tha sinn a feitheamh fhathast airson suil dion againn. Tha sinn air a bhith bruidhinn dhan a Phoilis mu seo agus tha sinn an dochas gum bi seo air a dheanamh roimh deireadh am Faoillteach.

 

Rud sam bith eile:

Shaoil DD gum bu choir an Coinneamh Bliadhnail a bhith air a chumail anns a Cheitein an aite sa Mhart.  Dh’aontaich a h-uile duine le seo.

 

Bhruidhinn LK air na Clasaichean Ulpan.  Tha 14 oileanaich deiseil shuas gu Ionad 40.  Bith an treas clas a toiseachadh anns Am Faoilteach 2013.

 

Tha liost dhen ballrachd air a chuir a mach gu aon duine le cumhnantan ceart comhla ris.

 

Tha litir air tighinn a staigh bho D Garrett mu dheidhinn an glag airson an Eaglais.  Na bhroinn tha e connsachadh an robh an glag air a thoirt gu CELM mar tiodhlac bhon an teaghlach Odling.  Tha DL dol a bhruidhinn ri Noelle Odling airson seo a chuir ceart.

 

Chuir LK a mach bileagan mu dheidhinn biadh airson na luchd saor-thoillich.  Tha an latha air aontachadh gu DiSathairne 15mh an Dubhlachd aig uair.

 

Stad an coinneamh aig 8.25f.

 

Bith an ath choinneamh ann Diardaoin 17mh de’n Fhaoillteach.