An Taigh-tasgaidh

museum-slide-latest-900

Nuair a chaidh an togalach ùr-ghnàthach nua-aimsireil seo aig Aonad Naomh MoLuag (àite cruinneachaidh Naoimh MoLuag) fhosgladh air 17 Màrt 2007, bha e uair eile a’ cur na Gàidhlig agus a cultar aig cridhe Eilean Lios Mòr.  An dèidh 13 bliadhna de dh’obair chruaidh, bhris buill Comann Eachdraidh Lios Mòr an tost a bha air a sparradh air cultar an eilein nuair a thàinig a’ Bheurla gu bhith na cànan adhartachaidh agus a bha a’ Ghàidhlig ’s a cultar air a piobrachadh gu bàs.

Gus an àm seo, bha Tasglann a’ Chomainn Eachdraidh a bha air a chur ri chèile gu cùramach, air a bhith glèidhte 2 mhìle air falbh anns an t-seann sgoil ann an Achadh na Croise.

Chaidh a’ chiad sgrath a thionndadh le Donnchadh MacGhriogair air 15 Gearran 2006, an dèidh do a phàrantan am fearann a thoirt seachad mar thiodhlac.  Chaidh an togalach a dhealbhadh le Shauna Chamshron agus thogadh e le Stiùbhart MacIlleMhìcheil còmhla ri Tony Perkins, an t-Oifigear Pròiseict ionadail aig Nàdair. Tha mullach feòir air an taigh agus tha e air a theasachadh le cumhachd geo-tearmais. Na bhroinn tha Àite Taisbeanaidh, Leabharlann, seòmar Tasglainn, Bùth Thiodhlacan, Cafaidh, oifis agus taighean-beaga.  Gun do chuir àireamh-sluaigh de 176 neach pròiseact de luach £600,000 air adhart ’s a choileanadh, tha e na urram don sgil, diongmhaltas agus dluth cho-cheangal na coimhearsnachd air fad.

Tha an Taigh-tasgaidh aig teis-meadhan an ionaid le taisbeanaidhean fiosrachail mu eachdraidh cruth-tìre, gnìomhachas, àiteachas agus àireamh-sluaigh Lios Mòr. Tha pàirt air choreigin den chruinneachadh tasglainn air a thaisbeanadh an-còmhnaidh. A thuilleadh air an sin, tha sreath leantainneach de phrìomh thaisbeanaidhean gach bliadhna agus a bharrachd air an sin tha sruth de thachartasan sònraichte a’ gabhail àite leithid òraidean, coileanaidhean àrd-ùrlair, foillseachadh leabhraichean, taisbeanaidhean ealain is eile. Tha taisbeanadh lèir-chlaisneach ag innse na sgeulachd mu dheidhinn Bàtaichean Seòlaidh Lios Mòr agus tha bùird fiosrachaidh a’ leantainn eachdraidh agus obair Alasdair MacIlleMhìcheil, fear beul-aithris an eilein.

 

 

Tha na glèidheadairean air taisbeanaidhean sònraichte a chur suas mu Sgeulachd na Bùtha, an rùm-sgoile aig àm Èideard, taisbeanadh Deilbh Aodainn Lios Mòr agus am-bliadhna Eachdraidh an Treabhaidh ann an Lios Mòr.


Thoir sùil air a’ ghailearaidh dheilbh airson faighinn don Taigh-tasgaidh