an t-Òg mhios 2013


new logo

Gearr-sheanchais airson an coinneamh a bh’air a chumail air 13mh de’n t-Òg Mhios 2013

An lathair:  Donnchadh Mac an Leigh, Jennifer Baker, Raibeart Hay, Catriona NicGiogair, Iain Mac an Leigh, Memory NicDhomhnaill, Donnchadh Feargasdan, Freda Drysdale, Teenie Wilson, Eardsaidh MacGillebhrath

Lorraine King, Mairead NicDhomhnaill, Nic Jones, Barabal NicDhughaill, Donnchadh Drysdale

Leisgeulan:  Cha robh

Chaidh aontachadh leis na gear-sheanchais airson an coinneamh mu dheireadh le BH agus JL

Gnothaichean ag eirigh as:  Bith an certificate airson luchd-stiuirdh deiseil an ath sheachdainn

Fear-Cathrach:  Chuir JL an t-ainm aig Donnchadh Mac an Leigh airson seo, chaidh aontachadh le BH.  Dh’aontaich a h-uile duine eile cuideachd.

Ballrachd an Comataidh:  Tha seo Mairead NicDhomhnaill, Barabal NicDhughall, Lorraine King, Donnchadh Drysdale agus Nic Jones a bha air chuir air adhart le BH en bloc, dh’aontaich FD leis a seo.  Dh’aontaich a h-uile duine eile.

Luchd-Stiuirdh Ur;  Fhuair na leanas failte tighinn dhan a Bhuirt FD, TW, MMD agus DF.  Cha robh TW cinnteach mu dheidhinn na cunntais.  Mar phairt dhen an induction thuirt DD gum biodh e deonach pairt a chuir a staigh a thaobh na cunntais.

Dh’iarr TW faighinn a staigh dhan an oifis.  Feumaidh luchd-stiuiridh ur  a gabhail part leis an induction airson gum bi iad eolach air far a bheil na diofair rudan anns an Taigh Tasgaidh.  Tha latha ri chuir air doigh airson seo.

Constitution:  Bhruidhinn DD air seo.  Chaidh aontachadh fagail am Memorandum agus Articles mar a tha iad.  Tha seo air a bhith aontachadh le OSCR, HMRC agus a bhuidheann airson Accreditation.  Bha comhradh ann mu dheidhinn a bhallrachd; sanasan airson a Choinneamh Bhliadhnail, agus airson gun robh seo a toirt fada barrachd uine na  bha air duil tha sinn dol a thighinn air ais gu seo.

Airson fagail na Mems agus Arts mar a tha le FD agus BH, a h-uile duine airson seo air fad.

Accreditation:  Aig an ire seo tha sinn air faighinn seachad air a h-uile pios.  Tha Jenny Siswell bho MGS dol a thadhal oirnn air Diciadain 26mh de’n t-Og Mhios.  Bi na Curators agus Manaidsearan an Ionad na lathair airson seo.  Tha an Comhairle airson Accreditation a coinneachadh air 18mh de’n Iuchair agus bith fhioss aig INM beagan as deidh sinn air ciamar a rinn sinn.

Thug an comataidh taing mhor gu BH airson an obair a rinn e airson seo.

Caisteal Achadh an Dun:  Thog TW suas an ceist “co leis a tha an caisteal”?  ‘S ann le CELM a tha an caisteal agus 38 acaran environ .

Tha Historic Scotland an duil atharrachadh suidheachadh an Caisteal.  Tha BH agus DD dol a bhruidhinn ri Historic Scotland.  Bith JB sgriobhadh air ais dhaibh.

Tachartasan

Tha FD, LK agus MMD dol dhan an Fheis Cloimh anns an t-Iuchair, bheir iad bileagan airson CELM comhla riutha.

Chaidh an oraid mu dheidhinn an T-sean Oban gu math le Raibeart MacCulloch agus Tearlach Drummond.  Bha 36 na lathair.  Chuir LK litir agus tiodhlac bheag dhaibh, an dochas gum bi iad air ais a dh’aithghearr.

‘S docha gum faigh CELM an cothrom an Leabhar Kells ais ais airson greiseag, bha e again ann ann 2007.  Cha robh fhios again air seo, tha NJ dol a dh’fhaighinn a mach mu dheidhinn.

Bith oidhche Murder Mystery ann air 22mh de’n t-Og Mhios anns an Cafaidh.  A phris £25 aig 6.30f.

Air 30mh de’n t-Og Mhios bi cluicheadaran og bho Canada a chuir air an dealbh chluich The Selkirk’s Nation aig INM agus Cill Anndrais.  Bith a bhuth fosgailte.

20mh de’n Iuchair – Latha Croitearan 11m gu 11f, tha Murray Willis dol a dheanamh an ceol.

As deidh an oraid aige thug Iain Domhnallach leth-bhreac dhan an leabhair aige dhuinn.

Bith latha na caraidean again a rithist am bliadhna.  Shaoil sinn gun robh an latha seo feumail dhuinn uile.

Plana Coig Bliadhna:  Bha JL airson taing a thoirt gu BH airson an obair a rinn e a thaobh seo.  Dh’aontaich a h-uile duine le seo.  Feumaidh sinn suil a chuir air aig deireadh 2014.

Rud sam bith eile

Thuirt LK gur e an luchd-obrach saor thoillich na daoine as cudthromaich a th’againn agus feumaidh sinn coimhead as ar deidh.  Cuiridh sinn polasaidh air doigh airson seo.

Tha barrachd luchd-saor thoillich air a dhith.  Chaidh iarradh air a comataidh daoine a lorg.

Tha an leabhar “Clan Slogans and Warcries” le Anndra Pearson air a thoirt dhuinn mar tiodhlac.

Shaoil TW gum bu choir dhuinn wifi an asgaidh a bhith again.  Chan eil an cafaidh ag iarraidh seo.  Bi sinn a coimhead air seo a rithist nuair a tha cuideigin ur a tighinn a staigh aig deireadh a bhliadhna.

Bith Mairead Carasik agus aon neach luchd-ionnsachaidh a tighinn bho’n Urras MacDhughaill ‘s MacCalum trath san Lunasdal/An Samhainn.

Tha an ceilidh air 17mh de’n Lunasdal.  Cuiridh DL aig doigh mc airson a oidhche.

NB. TW e-mailed certain suggested amendments and stated that, should any suggestions not be agreed, her dissension be formally noted as a postscript to the minutes.

Dhuin an coinneamh aig 10.05

An ath choinneamh Diardaoin 11mh de’n Iuchair 7f anns an leabhar lann