An Ceitean 2013


new logo

Gearr-sheanchais airson an coinneamh a bh’air a chumail air 9mh de’n Cheitein 2013

 

 

An lathair:  Donnchadh Mac an Leigh, Jennifer Baker, Raibeart Hay, Iain Mac  an Leigh, Nic Jones

Lorraine King, Mairead NicDhomhnaill, Memory NicDhomhnaill, Donnchadh Feargasdan, Barabal NicDhughaill, Freda Drysdale

Cuideachd bha Beth Caimbeul na lathair

 

Leisgeulan; Domhnall MacIlledhuibh, Donnchadh Drysdale, Pauline Dowling

 

Chaidh aontachadh leis na gear-sheanchais airson an coinneamh mu dheireadh le MD agus NJ

 

Gnothaichean ag eirigh as:  Tha Donnaidh MacCarmaig toillichte leis an obair air na clachan anns a chladh.  Bith JL, BH agus DD ag obair comhla ri Mairi NicDhughaill agus an t-Urr Ruaraidh Caimbeul ged nach eil date ann fhathast airson coinneamh.  Tha Historic Scotland ag radh gu bheil an suidheachadh cudthromach agus tha cuideigin a tighinn dhan an Eilean airson coimhead air na clachan.  Tha an comataidh toillichte leis a seo.

 

Accreditation:  Dh’fhon BH gu Taigh Tasgaidhean Alba airson faighinn a mach de bha tachairt.  Tha iad direach air toiseachadh suil a chuir air seo.

 

Manaidsear an Ionad agus Luchd Rannsachadh:  Dh’fhag NJ, LK agus Beth Caimbeul an seomar nuair a bha sinn a bruidhinn mu dheidhinn seo.  Bi cumhnantan na manaidsearan a canail an aon rud airson an dithist aca agus bi am manadsear acasan air a tadhail bho na Directors.  Dh’aontaich sinn gur e DD a dheanadh seo le JL.

Chaidh aontachadh bruidhinn ri Eilidh Crossan mu dheidhinn an obair air consultancy an aite a bhith ag obair fo CELM.  Bhiodh seo nas fhearr agus tha Bord na Gaidhlig toillichte le seo.  Bi Eilidh a toiseachadh air 1mh de’n t-Og Mhios.

A bharrachd air £9000 bho BnG, tha Earraghaidheal ‘s Bhoid, An treas sector air £750 air a thoirt dhuinn airson innealan.

 

Aireamhan Larach-lin:  Tha seo uabhasach math, bhuail 1300 anns a cheud seachdainn agus tha 850 gu 900 a bhith ann gach seachdainn bho’n uair sin.  Thug sinn taing dhan a bhuidheann Larach-lin.

Tha an comataidh cuideachd airson taing a thoirt gu Beathag Mhoireasdan a rinn torr obair dhuinn a thaobh eadar-theangachadh.

 

Cafaidh:  Seo am bliadhna mu dheireadh aig Beth.  Bith I deiseil air 10mh de’n Samhainn.  Bhruidhinn sinn mu dheidhinn sanas airson an cafaidh.

Tha sinn a cuir air doigh na leanas airson an samhradh

20mh de’n Iuchair Latha airson an coimhearsnachd bho 11 – 4 feasgar.  Bi diofair rudan ann, dannsaichean albannach, agus 8 – feasgar biadh agus ceol aig an talla.

Oidhche Aodaich Disathairne 19mh de’n Damhair.

Oidhche Muirt  Disathairne 22mh de’n t-og Mhios.

Dealh-chluich “The Selkirk Settlers” air a chuir dhan ard-urla le Buidheann a Chanada 28mh – 30mh de’n t-Og Mhios.

 

Rud sam bith eile

Shaoil LK gum biodh e math nan robh a bhuth fosgailte air an oidhche nuair a bha rudan a tachairt – bhiodh I deonach seo a dheanamh.  Thug an comataidh taing dhith airson seo.

Geamaichean Earra-ghaidheal.  Tha bord againn a rithist.  Bhiodh e math nan robh rudeigein again a bha nas fhasa giulain.   Tha LK,DL, DF, JL agus BMD dol ann.

Chord an turas bho’n Great Auks ruin.  Fhuair sinn taic airgiod £50 agus shaoil sinn gum bu choir barrachd rudan dhen t-seorsa seo a bhith ann.

Chaidh aontachadh gun robh coimpuitairean ur air a dhith.  Cha robh co-dhunadh ann airson seo.

Tha an certificate airson luchd-stiuiridh sonraichte a bhith air a thoirt seachad.  Tha BMD dol a dheanamh an sgriobhadh airson seo.

Chaidh aontachadh coinneamh a bhith ann roimh an Coinneamh Bliadhnail airson gum biodh fhios aig daoine de bha iad ri dheanamh air Diadaoin 23mh de’nn Cheitein.

Tha DL dol a sgriobhadh litricheann gu Murchadh Domhnallach agus gu Moira ‘s Donnchadh MacCarmaig airson tiodhlacan a thug iad dhuinn.

 

Dhuin an coinneamh aig 9.05f

 

An ath choinneamh Diardaoin 13mh de’n t-Og Mhios aig 7f anns an leabhar-lann