Alasdair MacIlleMhìcheil

ACAlasdair MacIlleMhìcheil  

Rugadh an sgeulaiche, an seanchaidh agus an t-ùghdar, Alasdair MacIlleMhìcheil, air 1 Dùbhlachd 1832 ann an Taigh an Lochain air Eilean Lios Mòr. B’ e an naoidheamh leanabh agus an leanabh a b’ òige aig Ùistean MacIlleMhìcheil (1783-1862), tuathanach is cìs-mhaor, agus Ealasaid (Beitidh) NicCholla (1791-1863). An dèidh dha sgoiltean air an eilean a fhrithealadh agus Grianaig a rèir aithris, chaidh MacIlleMhìcheil don t-seirbheis chatharra mar ghàidsear, a’ frithealadh ann an Grianaig ’s am Baile Átha Cliath mus d’ rinn e amannan ann an Ìle agus Carabost san Eilean Sgitheanach. Ann an sin, chaidh e an lùib na sgioba de sgeulaichean a bha air tòiseachadh a’ cruinneachadh sgeulachdan airson nan ceithir iom-leabhraichean ainmeil, Popular Tales of the West Highlands (1860-1862), a chaidh a chur ri chèile fo stiùir an eòlaiche ioma-chuspair, Iain Francis Caimbeul (1821-1885). B’ e na prionnsapalan sgeulachd a bha an Caimbeulach a’ cur an cèill – riatanas a thaobh clàradh ceart agus leis an sin mion-fhiosrachadh mun neach bhon d’ fhuaireadh am fiosrachadh. Dhaingnich seo buaidh bhunaiteach air an dòigh cruinneachaidh aige airson a’ chòrr sde bheatha. A dh’aindeoin sin, bha na prionnsapalan sin a’ dol an aghaidh eanchainn ealanta, spioradail agus mòr-inntinneach MhicIlleMhìcheil agus a mhiann air na Gàidheil agus an nòsan a dhìon bhon phlàigh de choigrich agus naimhdeas a bhathar a’ faicinn bhon eaglais shoisgeulaich, agus a chreideas fhèin gur e a dhleastanas a bh’ ann, chan e a-mhàin an t-àm làthaireach a chlàradh ach cuideachd an t-àm a dh’fhalbh fhaighinn air ais agus àm glòrmhor Gàidhlig ath-thogail.

An dèidh dà bhliadhna a chur seachad ag obair sa Chòirn, thill MacIlleMhìcheil gu tuath aig deireadh 1864. An turas seo, ’s dòcha tro iarrtas fhèin, chaidh a chur do na h-Uibhistean. Bha a dhreuchd a bha stèidhcihte sa chiad àite ann an Loch nam Madadh, a’ ceadachadh dha tursan riaslach a ghabhail os làimh tro chuid de na sgìrean a bu bheairtiche ann am beul-aithris ’s a bha san Ròinn Eòrpa an Iar, a’ sgròbadh sìos ann an sreath de leabhraichean-notaichean a bhiodh aige leis, raon iongantach de stuth bho sgeulachdan fada na Fèinne agus baileadan tro aithrisean eachdraidheil, òrain, laoidhean agus geasachdan gu seanchasan, sùl-bheachdan, sean-fhacail, tòimhseachain agus facail annasach. A thuilleadh air an sin, chuimsich buaidh agus brosnachadh an neach-tomhais agus an t-seanchaidh, an CaipteanF.W.L. MacThòmais, aire MhicIlleMhìcheil air làraich arc-eòlasach ann an Innse Gall, agus na nòsan co-cheangailte riutha. Ged a b’ fheudar do MhacIlleMhìcheil smachd a chumail air an àireamh de a thursan cruinneachaidh a’ leantainn air a phòsadh ri Màiri Frangag NicBheathainn (1841-1928) san Fhaoilleach 1868, agus breith an ceathrar chloinne, Alasdair (Ailig) (1868-1941), Ealasaid (Ella) (1871-1928), Eòghainn (1878-1966) agus Iain (1878-1928), bha taigh an teaghlaich ann an Creag Ghoraidh faisg air an taigh-seinnse far am biodh daoine a’ feitheamh gus am faigheadh iad tarsainn na Fadhlach a Deas eadar Beinn na Fadhla agus Uibist a Deas, a’ ciallachadh gum faodadh e fhathast gu leòr stuth a chruinneachadh bho dhaoine san dol-seachad.

Bho 1873 bha comas aig MacIlleMhìcheil cuid den bheul-aithris a bha e air a chruinneachadh a thaisbeanadh ann an clò, tro a dhreuchd mar naidheachdair Uibhist don phàipear, An Gàidheal, am pàipear-naidheachd bunasach croitearachd a bha air a dheasachadh le Iain MacMhurchaidh (1818-1903), ris an robh e air coinneachadh an toiseach nuair a bha iad ag obair còmhla ann am Baile Átha Cliath mu chòig bliadhna deug roimhe sin.

An dèidh gluasad don Òban agus an uair sin air ais a dh’Uibhist, shocraich e aig deireadh gnothaich ann an Dùn Èideann far an do chuir e seachad an còrr de bheatha.

Ghlac iomraidhean beòthail MhicIlleMhìcheil sùil Francis, Am Morair Napier (1819-98) – gu dearbh, dh’aidich e às dèidh làimhe gun do dhùisg am pìos sgrìobhaidh ùidh sa chiad àite ann an cùisean na Gàidhealtachd. Dh’iarr Napier air MacIlleMhìcheil dà eàrr-ràdh a chur a-steach airson Aithisg Coimisean na Croitearachd (1884). Ach a dh’aindeoin gach nì, rinn MacIlleMhìcheil cinnteach gun do chuir e àireamh de dh’òrain is laoidhean Gàidhlig an lùib na h-obrach aige gus gràs agus fìnealtachd nan croitearan Gàidhealach a thaisbeanadh. Ged nach robh spioradalachd MhicIlleMhìcheil air a bhith idir na suain roimhe sin, chaidh a chuid ùidh sa chuspair àrdachadh gun teagamh sam bith mar thoradh air an sgrùdadh leantainneach a bha e a’ dèanamh air ainmean-àite Eilean Idhe, a’ tarraing air a chuid obair-sgrùdaidh farsaing ann an Uibhist is Barraigh às leth an t-Suirbhidh Òrdanais, agus cuideachd an dèidh dha a bhith a’ fuireach am measg nan eileanach fad iomadach bliadhna, bha e a-nis ann an suidheachadh far am faodadh e beul-aithris prìobhaideach is pearsanta a chruinneachadh a thuilleadh air aithris poblach. Bha meas air leth mòr air eàrr-ràdhan MhicIlleMhìcheil san Aithisg, innis-fàsaich neo-chonnspaideach ann an iom-leabhar a bha air leth connspaideach. Bhrosnaich seo MacIlleMhìcheil gu obair nas motha a thòiseachadh air a’ chuspair.

Anns na deich bliadhna mu dheireadh den naoidheamh linn deug, dhaingnich MacIlleMhìcheil a bha a-nis air cluaineas, a shuidheachadh chan ann a-mhàin mar dhuine ainmeil ann an comann-sòisealta Gàidhlig Dhùn Èideann, ach cuideachd mar neach cudromach ann an Ath-bheothachadh Ceilteach na h-Alba, mar eisimpleir na phìosan litreachais san iris bhuadhach Evergreen (1895-6) air a deasachadh le Pàdraig Geddes (1854-1932). Thug na cearcaill sin anns an robh ùidhean sgoilearach eadar-ghnìomhach le gluasadan ealanta co-aimsireil, buaidh mhòr air an obair a bu mhotha ’s a bu sheasmhaiche aig Alasdair MacIlleMhìcheil, an dà iom-leabhar de Carmina Gadelica (1900). Air a bhrosnachadh ’s air a chomhairleachadh leis an sgoilear Seòras MacEanraig (1866-1912), ach le comhairle caran eas-creidmheach a cho-sgeulaichean mar an t-Athair Ailean Dòmhnallch (1859-1905), chuir MacIlleMhìcheil ri chèile agus dheasaich e cruinneachadh susbainteach de phìosan cràbhach, laoidhean agus gheasachdan leis an aon rùn gus an spioradalachd fìnealta a thaisbeanadh; am fàidheantas rannadhail breac-shoillseach; feartan lèirsinneach nan daoine am measg an robh e air a bhith a’ fuireach suas ri fichead bliadhna. Le cuideachadh bhon fhoillsichear Bhaltair Biggar Blaikie (1847-1928), agus Ella a nighean fhèin, b’ urrainn do MhacIlleMhìcheil clach-mhìle a chumadh ann am foillseachadh Albannach, magnum opus stàiteil air a deagh thoirt gu buil, le deilbh (air an tarraing le a bhean) agus pàipear làimh-dhèante a bha ’s cinnteach ag oidhirp air na sgrìobhainnean tràth-Chrìosdaidheil a thoirt gu cuimhne, gus faireachdainn a riochdachadh don leughadair air bhith a’ cluinntinn nan duan a bh’ ann bho thùs.

A dh’aindeoin am freagairt dìoghrasach bhon mhòr-chuid de sgrùdairean Carmina Gadelica, agus gun ghuth air an duais urramach LL.D. a fhuair e bho Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1906, thàinig teagamhan sgoilearach am bàrr gun dàil a thaobh nam modhan deasachaidh a bhathar a’ cleachdadh. Tha e soilleir bho sgrìobhainnean MhicIlleMhìcheil gun robh e deiseil airson earrannan susbainteach den stuth thùsail a ghleusadh, a lìomhachadh agus fiù ath-sgrìobhadh ro fhoillseachadh, a’ rèiteachadh meatair, fiaraidh agus rannachd, ag àrdachadh agus a’ grinneachadh cànan, a’ cur ris iomraidhean dhaibhsan a thuigeadh, fiù a’ toirt a-steach briathrachas doilleir gus a’ bhuaidh a neartachadh a bhiodh na laoidhean ’s na duain – agus gu dearbh na h-earrannan bho na fiosraichean fhèin – a’ cur air leughadair Carmina Gadelica. Ged a chùm MacIlleMhìcheil a’ dol a’ cruinneachadh aithrisean tron chòrr de bheatha – b’ e na fiosraichean ùra aige daoine bho thìr-mòr a dh’aithnicheadh a chliamhain, an sgoilear Gàidhlig Uilleam J. MacBhatair (1865-1948) – is fhiach a thoirt fa-near nach fhaca e an tuilleadh leabhraichean a bha e a’ sùileachadh bho thùs, a’ dol an clò. Bha e air fhàgail aig a nighean Ella, eagran ùr den chiad dà leabhar de Carmina fhoillseachadh ann an 1928, le treas is ceathramh iom-leabhar air a dheasachadh le ogha, Seumas MacIlleMhìcheil MacBhatair (1910-1942), a’ nochdadh ann an 1940-1941.

Ged a tha sgoilearan na dhèidh sin air teagamh a nochdadh mu na modhan deasachaidh a chleachd e ann an cruthachadh Carmina Gadelica, tha obair mhòr MhicIlleMhìcheil agus a chruinneachadh de sgrìobhainnean air fad, beò fhathast nan stòr-ionmhais seasmhach neo-sheachanta, toradh beatha a chuireadh seachad gu neo-fhèineil ann an seirbheis a dhaoine fhèin, a’ cruinneachadh, a’ gleidheadh, a’ conaltradh agus ag eadar-mhìneachadh cultar, traidisean agus beul-aithris na Gàidhlig don t-saoghal mhòr agus do ghinealaichean ri teachd. Fhuair Alasdair MacIlleMhìcheil bàs ann an Dùn Èideann air 6 Ògmhios 1912, agus tha e air a thiodhlacadh ann an Cathair-eaglais Naoimh MoLuag air Lios Mòr, eilean a bhreith is àraich.

Fhuair an t-Àrd-Ollamh Uilleam Iain MacBhatair bàs ann an 1948. Rugadh a mhac, Seumas MacIlleMhìcheil MacBhatair, ann an 1910, a’ leantainn air athair mar Àrd-Ollamh Ceiltis ann an Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1938, chuir e ri iom-leabhraichean eile de Carmina Gadelica nas fhaide air adhart. Chaidh Seumas MacIlleMhìcheil MacBhatair às an rathad sa chogadh ann an 1942.

Tha gach iom-leabhar de Carmina Gadelica rim faotainn airson an leughadh ann an leabharlann Dhaibhidh MacIlleBhàin  ann an Ionad Dualchais Gàidhlig Lios Mòir.

Pròiseact MacIlleMhìcheil MacBhatair

Oilthigh Dhùn Èideann.