Cha bhiodh smuain sam bith aig na luchd-siubhal eadar Port Ramasaigh agus Lagain air ciamar a thàinig an rathad seo gu bith. Gu h-àraid chionn ‘s nach e rathad a tha fo smachd a Chomhairl’ a th’ann – mar a tha rathad Baile nan Ghobhainn, Bail’ Ur neo an t-Sailean ach tha e fior mhath.
Cha bhith smuain sam bith aca gus an ruig iad an clach-cuimhneachan seo.
A fàgail Port Ramasaigh, thairis an drochaid agus a dol seachad air na carabhans gus a chi iad na taighean, innsidh an clach seo dhaibh gur e seo an obair a rinn aon duine agus a bha ag obair air fad a bheatha.
An diugh, tha fhios againn air mar rathad Donnchadh, agus tha na daoine a tha fuireach agus a tadhal an seo gu math taingeil air a shon.
Rugadh Donnchadh Aonghas Mac an Leigh ann an Lagain, 20mh de’n Cheitein 1935. Mac gu Eachann agus Peigi, brathair gu Mairead. Nuair a ghabh e thairis an tuathanas ann an 1961 bha e comasach an tractair a thoirt a staigh air an cladach nuair a bha a mhuir iosail. Chionn ‘s gun robh e leis fhèin, agus cha robh ann ach dà thaigh eile a bha falamh, shaoil e gum biodh rathad feumail agus ann an 1965 thoisich e air an rathad a thogail. An deidh sia bliadhna b’urrain dha draibheadh air bho Port Ramasaigh dhachaidh.
Na tri taighean a bh’ann an uair sin a nise shuas gu deich taighean.
‘S e na daoine a tha fuireach anns na deich taighean a chuir air bhonn an clach-cuimhneachan seo, Stephen Grindrod os cionn, a rinn an clach-cuimhneachan seo le clach bho’n an rathad fhein, thainig daoine comhla airson seo ‘fosgladh’ air 14mh de’n Sultain 2025.
Abair fuss, chanadh e thuirt Anne, baintreach Donnchadh, ach thuirt I cuideachd gum biodh e air a dhòigh glan leis an cuirm bheag. Bha e an comhnaidh cairdeal agus gheibheadh daoine fàilte bhlàth uair sam bith. A bharrachd air obair tuathanas agus a togail an rathad, bha Donnchadh an sàs ann am iomadh rud. Gu h-àraid rinn e tòrr obair airson an Comann Eachdraidh, chuir e air adhart a Chèilidh Bhliadhnail, bha e na fhear-cathrach airson iomadh bliadhna agus ann an 2007 thug e fàilte bhlàth gu daoine a thàinig airson am Bliadhna Tilleadh Dhachaidh.
Shiubhail Donnchadh air 10mh de’n Cheitein 2023. ‘Se latha breagh’ a bh’ann nuair a chruinneach tòrr daoine airson an tiodhlacadh aige. Bha an Eaglais làn airson cuimhneachadh air.
Tha an clach-cuimhneachan ann gus am bi daoine cuimhneachadh air agus an obair a rinn e an comhnaidh.
Sgriobh Mairi NicDhughaill am pios bàrdachd a tha leantainn seo agus tha beagan dheth air an clach.
Tuilleadh cuimhneachan air Donnchadh:









