Comann Eachdraidh Lios Mòr
AIREAMH CARTHANNAIS/Charity No. SC023503
Gearr-sheanchais airson an coinneamh a bh’air a chumail air
6mh de’n Dubhlachd 2012
An lathair: Fir-Stiuiridh: Donnchadh Mac an Leigh, Jennifer Baker, Donnchadh Drysdale, Raibeart Hay, Eardsaidh MacGillebhrath, Iain Mac an Leigh, Nic Jones, Ceitidh NicGriogair
Comataidh:Mairead NicDhomhnaill, Lorraine King, Donnchadh Feargasdan, Barabal NicDhughaill.
Leisgeulan: Domhnall MacIlleDhuibh, Freda Drysdale, Pauline Dowling
Chaidh aontachadh leis na gear-sheanchais roimhe le JL agus MD
Gnothaichean ag eirigh as: Bhruidhinn BMD le Sim Leodhas a tha dochasach gum bi a balla aig Caisteal Coeffin air a charadh a dh’aithghearr.
A thaobh na clachan san cladh bi BMD a dol chun an coinneamh aig an Kirk Session an ath Diardaoin. Rinn BH suas litir dhan an Kirk Session ag radh gu bheil Historic Scotland airson na clachan a bhith air ar togail. Bhiodh e toillichte ag obair comhla riutha air seo. Tha leth-bhreac air falbh dhan a Mhinisteir.
Cunntas Banca Dail Chluaidh : Thuirt DD gu bheil ainmean a dh’ith airson a bhanca. Chuir DD air adhart gum biodh e na b’fhearr an t-airgiod a thogail a mach a Banca na h-alba agus ga chuir gu Banca Dail Chluaidh. Dh’aontaich a h-uile duine le seo.
Airgiod dol a mach: Sgaoil DD leth-bhreacan dheth seo agus bha airson gum biodh seo air aontachadh ris agus bha le BH agus JL.
Bith sinn a coimhead air structur an comataidh sa bhliadhn’ ur. Shaoil BH gum bu chorr na curators, archivists, librarian, runaire na ballrachd, agus duine sam bith a bha na fir-stiuiridh airson a bhith ann cuireadh fhaighinn airson a bhith air an comataidh. Bha seo air aotachadh le DD agus NJ.
Airgiod airson Manadsear an Ionad: Leugh JB a mach litir bho Catriona NicIlliosa far a bheil I ag aontachadh seo a dheanamh.
Larach-Lin: Tha seo a tighinn air adhart gle mhath. Thainig an duine a staigh airson latha an seachdainn seo chaidh airson obair comhla ris a bhuidheann. Taing gu PD,JB agus LK airson an obair a tha air a dheanamh gu seo.
Plana air adhart: Bha seo air aontachadh le JB agus JL. Taing gu BH airson an obair mhor a rinn e airson seo.
Aontachadh le Poliseadhan an Taigh Tasgaidh: Feumaidh na poliseadhan seo a bhith again airson accreditation. Tha iad air a dheanamh suas/air a chuir ceart leis a doighean obrach air Taigh Tasgaidhean na h-Alba. Chaidh aontachadh le seo leis a chathair.
Doighean Obrach airson Stiuiridhean Ur: Feumaidh fhios a bhith aig Fir-Stiuiridhean a thaobh memoranda and Articles; Am Plana dol air adhart; cunntais agus gearr-sheanchais a Choinneamh Bliadhnail cuideachd na gear-sheanchais airson an coinneamh mu dheireadh. Airgiod tighinn a mach as a bhanca; OSCR agus an doigh a tha coinneamhan an comataidh ag obair.
Taobh a staigh da mhios bi Fir-Stiuiridh ur a fhaighinn turas taobh a staigh an Taigh Tasgaidh. Tha DD dol a dh’fhaighinn a mach a bheil rud coltach ri seo airson Companies House.
Plana Trioblaid: SgaoilNJ paipearan de bha corr a bhith air a dheanamh ma tha trioblaid ann (teine, uisge etc) ann. BheirNJ leth bhreac dheth seo dhan an ath coinneamh airson accreditation. Tha sinn a feitheamh fhathast airson suil dion againn. Tha sinn air a bhith bruidhinn dhan a Phoilis mu seo agus tha sinn an dochas gum bi seo air a dheanamh roimh deireadh am Faoillteach.
Rud sam bith eile:
Shaoil DD gum bu choir an Coinneamh Bliadhnail a bhith air a chumail anns a Cheitein an aite sa Mhart. Dh’aontaich a h-uile duine le seo.
Bhruidhinn LK air na Clasaichean Ulpan. Tha 14 oileanaich deiseil shuas gu Ionad 40. Bith an treas clas a toiseachadh anns Am Faoilteach 2013.
Tha liost dhen ballrachd air a chuir a mach gu aon duine le cumhnantan ceart comhla ris.
Tha litir air tighinn a staigh bho D Garrett mu dheidhinn an glag airson an Eaglais. Na bhroinn tha e connsachadh an robh an glag air a thoirt gu CELM mar tiodhlac bhon an teaghlach Odling. Tha DL dol a bhruidhinn ri Noelle Odling airson seo a chuir ceart.
Chuir LK a mach bileagan mu dheidhinn biadh airson na luchd saor-thoillich. Tha an latha air aontachadh gu DiSathairne 15mh an Dubhlachd aig uair.
Stad an coinneamh aig 8.25f.
Bith an ath choinneamh ann Diardaoin 17mh de’n Fhaoillteach.

