Thar-shealladh air Eachdraidh Lios Mòr le Dòmhnall MacIlleDhuibh

donald blackClach-eòlas
Tha an t-eilean seo car annasach a thaobh clach-eòlais  – air a dhèanamh suas cha mhòr gu lèir de chloich-aoil Dhail Riata.  Tha gàrraidhean basalt a’ ruith tarsainn bho Ear-Dheas gu Iar-Thuath an eilein: tha aon dhiubh gu h-àraid a’ stobadh a-mach bho aghaidh creige agus tha co-dhiù 70 troigh a dh’àirde ann. Chan eil beanntan idir ann, no puill mhònach air fhàgail agus glè bheag de fhraoch. Tha an talamh-aoil torrach agus mar sin tha a’ mhòr-chuid de na lusan a tha a’ fàs air an eilean gun choimeas.  Tha tràigh àrdaichte a’ ruith timcheall a’ chuid as motha den chosta le creagan air a cùl. Tha Lios Mòr suidhichte thairis air sgàineadh clach-eòlasach a’ Ghlinne Mhòir a tha a’ ruith tarsainn Alba, agus tha crithean-talmhainn gu math cumanta – ràinig aon dhiubh 3.9 air Sgèile Richter!

Am Fianais as tràithe air Mac an Duine
Chaidh ceann-tuagha cloiche lìomhaichte a lorg aig Baile nan Gobhann ann an Lios Mòr ann an 1974 – snasail is grinn-làmhach agus a rèir coltais à Linn Ùr na Cloiche, dèante a clach na h-Apainn. Chuir Taigh-tasgaidh Dhùn Èideann ceann-latha air aig 3500 RC (gu làithreach air a thaisbeanadh anns an Ionad Dualchais ann an Comann Eachdraidh Lios Mòr). Tha ceithir deug chàirn tiodhlaicidh bho Aois an Umha fhathast rim faicinn, a’ chuid mhòr dhiubh ann an iar-dheas an eilein, ach aon a-mhàin – Cnoc Aingeil – a tha mu thrì mìle bho cheann a tuath an eilein.  Tha an càrn seo gun bheantainn dha agus ’s e as motha ann an Latharna – no fiù Earra-Ghàidheal, agus tha an còrr dhiubh ’s a’ chlach air a toirt asta thar nan linntean leis na diofar chinnidhean.

Aois an Iarainn
Tha an Dùn aig Tirfuir na fianais air làthaireachd nan Cruithneach air Lios Mòr, dh’fhaodadh gu bheil a dhà eile ann ach tha iad air tuiteam às a chèile. Tha togalach cearclach na Dùine air a dheagh ghleidheadh gu ìre, tha na ballachan mu 15 troighean a dh’àirde agus tha an trannsa a-staigh a tha na feart gu math sònraichte, furasta a faicinn bhon taobh a-muigh. Tha seo an taobh a-staigh bhallachan  sa bheil 10 troighean de thighead agus fhathast foghainteach an dèidh 2000 bliadhna – sealladh ùghdarrasail.

Tha tobhtaichean de shia Dùin eile rim faicinn cuideachd a thathar den bheachd a tha a’ dol air ais gu àm imrich ar sinnsearan Gàidhlig à Ulaidh (bhon 4mh gu an 6mh linn AD). Tha an ainmean mar a leanas:  Dùn Chrùban, Dun Fiart, Sean Dùn, Dùn Slochd a Bhridhe, Dùn Chuileann, Dùn Mòr agus Dùn Chill Chiarain.

Tha Cill Iain, Cill nan Suidh (àite tiodhlaicidh nan Rìgh) agus Cill Anndrais nan ràthan tiodhlaicidh dìomhair cearclach le dìg agus bruachan mun cuairt orra. Chan eil cinnt air an aois agus thathar gan cur tràth sa Chrìosdaidheachd. B’ e an tiodhlacadh mu dheireadh ann an Cill nan Suidh, bean-uasal a bhathar ag ràdh a bha de shliochd Choinnich MhicAlpain, a’ chiad rìgh a bh’ air na Cruithnich ’s na h-Albannaich an dèidh dhaibh aonachadh.

O chionn beagan bhliadhnaichean chaidh crios-gàirdein Umha a lorg mu dhà cheud slat bho Chill nan Suidh, aig àm ath-thogail thaighean. Fhuair an neach a lorg an crios duais gu math susbainteach. Chaidh ceann-latha air aig 1ad – 2na Linn AD agus b’ e lorg ainneamh a bha sin. Chithear am ball-ceàirde seo san taigh-tasgaidh Nàiseanta ann an Dùn Èideann.  Tha mac-samhail dheth air a chumail san Ionad Dualchais air an eilean.

Àm Tràth-Chrìosdaidheachd
Thug an imrich bho Ulaidh gu Dail Riata san 6mh Linn Crìosdaidheachd a-steach don mhòr-chuid de thaobh siar na h-Alba, air a thoirt thugainn le diofar naomhan m.e. Calum Cille, MoLuag, Mehac agus Ninian am measg feadhainn eile.

B’ e MoLuag a thàinig gu Lios Mòr ann an 561 agus thathar ag ràdh gun deach oideachadh ann am Manachainn Bheanachar ann an Èirinn agus dh’fhaodadh gun robh e co-aoiseach ri ‘Breandan am Maraiche’.

Aig aois mu 40 bliadhna, ràinig e Lios Mòr ann an 561 AD far na stèidhich e, còmhla ri a Dhusan Abstolan, ionad Manachail a bha aithnichte mar am ‘Muinntireas’ aige. Chuir e suas ionadan eile den leithid seo ann an Ros Mhaircnidh san Eilean Dubh agus Mòrthlach faisg air Eilginn. Thug a thursan siubhail e cho fada ris an Eilean Sgitheanach, Rathasaigh, Muile agus Tiriodh. Thadhail e ann an Leòdhas cuideachd agus tha eaglais coisrigte dha aig Rubha Robhanais ris an canar ‘Teampall Mòr’. Sheòl e às an sin gu Innis Tìle.

Bhathar ag ràdh gum b’ e MoLuag an Naomh-taic a bha aig Eilean Mhanainn. Leis an fhìrinn innse, bha e a cheart cho cudromach ri Calum Cille san eaglais thràth Cheilteach ach chan eil e cho aithnichte ris. Ach bho nach robh e bho na h-uaislean agus nach robh neach eachdraidh-beatha dlùth dha, bha sin na fhìor anacothrom dha. ’S dòcha gum feumadh tu a bhith bho ‘na daoine ceart’ agus gum feumadh ‘luchd-naidheachd’ math a bhith agad anns na h-amannan cian sin.

Àm nam Meadhan-Aoisean
Chaidh Lios Mòr a thaghadh mar Chathair Easbaigeachd Earra-Ghàidheil agus dh’fhan e mar sin gus an 16mh Linn. Chaidh a’ chathair-eaglais a thogail uaireigin eadar 1250 agus 1350 AD. Airson àm goirid (1610 – 1689 AD) b’ e Cathair-eaglais Easbaigeach a bha seo. Às dèidh 1749, bhathar a’ cleachdadh Còisir a’ chiad togalaich mar Eaglais Paraiste Lios Mòr – paraiste a bha a’ ruighinn cho fada ri Dùrar na h-Apainn agus Baile Chaolais agus a’ gabhail a-steach Ceann a’ Gheàrrloch.

B’ e Seumas MacGhriogair, Deadhan Lios Mòr, an sealbhadair a bu chliùitiche, agus chuir esan ri chèile cruinneachadh de Bhàrdachd Ghàidhlig a tha aithnichte mar ‘ Leabhar Deadhan Lios Mòr’.

Linn nan Lochlannach
Thòisich na gaisgich seo a’ nochdadh timcheall air oirthir an iar na h-Alba bhon 8mh linn agus às a dhèidh. A rèir eachdraidh, b’ e a’ chiad ghnìomh a chuir iad an cèill an dèidh dhaibh Lios Mòr a ruighinn, na manaich a ghlasadh anns a’ Chaibeal agus an cur nan teine.

Tha e air a ràdh gun do thog Coeffin – am prionnsa Lochlannach, caisteal a ghlèidh an t-ainm aige gus an latha an-diugh. Tha an tobhta a th’ ann a-nis bho àm nas fhaide air adhart agus chaidh a thogail le Clann MhicDhùghaill Latharna.

Tha uirsgeul tiamhaidh ri cluinntinn a tha air maireachdainn tro bheul-aithris, ag innse mu leannan Beòthail (piuthar Choeffin) a chailleadh agus a chaidh às an rathad ann an cogadh cian. Sgeul àlainn mu ghaol gun shàsachadh a tha còrr agus 1000 bliadhna a dh’aois  –  innsidh sinn an sgeul seo dhuibh latheigin!

Sealbhadairean fearainn – 13mh & 14mh linn
Tron àm seo, bha an t-eilean ann an seilbh Chloinn MhicDhùghaill Dhùn Ollaigh gus an deach an ruagadh ann am batal le Raibeart am Brusach. An dèidh sin, chaidh a’ mhòr-chuid de an oighreachdan a thoirt bhuapa agus an roinn a-mach air diofar fhreumhan de Chloinn Chaimbeul – Gleann Urchaidh, Àird nam Murchan, Combaidh agus nas fhaide air adhart Lochnell. Aig àm nam meadhan-aoisean sin, bha fèill mhòr air an eilean seo agus bha e aig teis-meadhan chùisean, an dà chuid gu poilitigeach agus gu h-eaglaiseil – gun teagamh sam bith, glè chudromach ann an eachdraidh farsaing Latharna is Earra-Ghàidheal.

Gnìomhachas – tuathanachas
Tha seo air a bhith cudromach a-riamh – prìomh ghnìomhachas bho eachdraidh air sgàth torrachd na talmhainn aolach. Tha siostaman air atharrachadh bho àiteachas dian nan 18mh agus 19mh linntean nuair a bha eòrna agus coirce mar phrìomh bhiadh grànach. Cha chreid mi gun robh Lios Mòr a-riamh cho mòr an eisimeil cur-bhuntàta agus a bha na h-eileanan eile, a chionn ’s gun robh muileann-bleith aig gach loch uisge.

Bha cliù aig fir lios Mòr mar mharcaichean.  Bhiodh croitearan sa nàbaidheachd gu h-àbhaisteach ag obair còmhla nuair a bhiodh dà each a dhìth airson treabhadh. Thàinig siostam nam feannagan, far an robh am baile-fearainn ag obrachadh na talmhainn ann an cumantas, gu crìch aig deireadh 1800. Bha trì no ceithir bheathaichean cruidh, aon each agus dhà-na-thrì bheathaichean cruidh òga airson an reic, a’ dèanamh suas “teachd-an-tìr” agus siostam àiteachais teaghlaich thar an 200 bliadhna a dh’fhalbh.

Tha an siostam a th’ ann a-nis stèidhichte air togail chruidh is chaorach agus ’s e saidhlids an aon bhàrr a thathar a’ cur. Tha fèill mhòr air stoc bhon eilean bheag seo air feadh Alba agus cho fada deas ri Siorrachd Iorc. San dol-seachad, feumaidh mi innse mu mhargaid aig an robh mi ann an Sruighlea (1996) nuair a bha dhà de na roinnean a b’ àirde prìs à Lios Mòr agus Eilean Idhe (le chèile nan làraich mhanachail). Is cinnteach gu bheil seo ag innse rudeigin mu dheidhinn MoLuag agus Calum Cille agus na prìomhachasan eile a bh’ acasan an dèidh sgaoileadh an t-Soisgeil.

Gnìomhachas – losgadh aolach
Bha seo airson linntean na ghnìomhachas “taighe” agus cha deach a chur air stèidh mhalairteach gu 1800, agus ann an suidheachadh gu math neònach. Leigibh leam seo a mhìneachadh – bha sgoil-chlèireachail Chaitligeach air a cur air bhonn air Lios Mòr aig an àm seo leis an Aba Siosalach: b’ e esan a stèidhich gnìomhachas losgadh an aoil airson taic ionmhasail a thoirt don phròiseact.

Bha a’ chuaraidh agus an sgoil-chlèireachail ri taobh a chèile aig Cille Chiarain. Sheòl Sir Bhaltair Scott seachad agus thuirt e le droch rùn gun robh càileachd an aoil na b’ àirde na càileachd nan oileanach – thàinig an dà phròiseact gu crìch ann an 1840.

Às dèidh sin, lean an obair air adhart aig còig diofar làraich – An Sàilean, Port nam Mòr Lach, Alisra, Eilean nan Caorach agus Port Ramasa.

Chùm cuaraidh an t-Sàilein a’ dol gu 1934.  Stad obair aig Port Ramasa aig toiseach a’ Chiad Chogaidh.

Chaidh na h-àthan sin a chur nan àite le sealbhadairean nan oighreachdan agus an leigeil a-mach air màl do na gnìomharaichean.

Soithichean
Nuair a bha gnìomhachas an aoil aig àirde, bhathar a’ cleachdadh 24 bàtaichean às a’ choimhearsnachd ionadail airson an stuth seo a thoirt air falbh airson malairt. Bhiodh iad a’ giùlain 30 tonna suas gu 100 tonna de luchd – ag atharrachadh an aoil mu seach le sglèat à Baile a’ Chaolais agus Eisdeal. B’ e an dà bhàta mu dheireadh “Mary and Effie” a bha ann an seilbh a’ Chaiptean Ailean MacPhàidean agus a mhac Iain Ailig. Bha i a’ malairt gu deireadh nan 1940an. B’ e an tè eile “Lady Margaret” a bhuineadh do Iain MacCorcadal agus a bhràthair Dùghall a bha a’ malairt gu meadhan nan tritheadan – deireadh linn dha-rìribh.

An Àireamh-sluaigh
Is iongantach mura biodh an àireamh-sluaigh air fuireach aig timcheall air 500 – 600 airson linntean ach gun do mheudaich seo gu 1740 anns na 1800an. Bha coltas ann gun robh sruthadh a-steach de shloinnidhean ann aig an àm seo nach buineadh don àite, mar thoradh air leudachadh ann an losgadh aolach a thuilleadh air oibrichean lìn a bhiodh a’ trèanadh luchd-obrach ionadail.  (Bha gnìomhachas lìn air ùr stèidheachadh aig an àm seo.)

Sloinnidhean a bhuineas don eilean
MacIlleMhìcheil, MacIlleDhuibh, MacColla, Mac Dhùn Lèibhe, Bochanan, MacCorcadal, Stiùbhart, MacDhòmhnaill, MacGhriogair, MacPhàidean, Caimbeul.  Tha iad sin uile air an riochdachadh air an eilean fhathast.

Sloinnidhean eile  – Ce, MacLabhrainn, MacGlaisean, Greumach, Mac an t-Saoir – tha iad sin uile air a dhol a-mach à sealladh tro às-imrich, fuadachadh agus riatanas eaconamach. Bidh an sliochd a’ tilleadh à gach ceàrnaidh den t-saoghal agus iad a’ sireadh am freumhan a tha air a dhol air chall, agus tha e na fhìor thoileachas nuair as urrainn dhuinn an stiùireadh gu na bailtean a b’ fheudar do an sinnsearan fhàgail fo làmhachas-làidir.