Ciamar a thoisich e

An Toiseach Bha an Comann Eachdraidh air a chur air bhonn ann an 1994 le cuideachadh bho Bheathag Mhoireasdan a bha ag obair aig Comann na Gàidhlig. Bha Domhnall MacIlleDhuibh sa chathair, Mairead Nic Dhòmhnaill na Runaire agus b’e Catriona NicIlleMhìcheil an Neach-ionmhais.  Bha coinneamh phoblach aca far an d’tàinig naoinear eile còmhla, agus tha iad uile fhathast an sàs anns a’ Chomann Eachdraidh. Bha an seann taigh-sgoile falamh agus às dèidh bruidhinn ri Comhairle Shrath Chluaidh, bha Comann Eachdraidh Lios Mòr air a steidheachadh anns an taigh-sgoile aig Achadh na Croise anns a’ bhliadhna 1995.

An uair sin thòisich an obair le tòrr taic bho na h-eileanaich fhèin agus daoine eile, bha dealbhan agus gnothaichean eile, bho’n an linn Nuadh Leacaich gus an latha an diugh air an cruinneachadh.  Chuir iad cèilidhean air dòigh, Deireadh-sheachdain Gàidhlig agus iomadh rud eile.  Dh’fhàs an stuth aca nas motha a h-uile bliadhna le cruinneachadh stuth bhon Eilean agus àiteachan nas fhaide air falbh. Tha an obair airson a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh a’ dol air adhart. A chionn’s gun do thòisich Gàidhlig ann an Earra-Ghàidheal, tha sinn a’ creidsinn gur e Lios Mòr aon de na h-àiteachan far a bheil an cànan agus an cultar làidir san latha an-diugh. Tha leabhraichean agus mapaichean air an dèanamh agus tha leàbharlann Gàidhlig fior mhath ann cuideachd.

Taigh Iseabail Dhaidh Bha an ath phìos dhen phròiseact deiseil ann an 2002, le bhith a’ càradh Taigh Iseabail Dhaidh, le stuireadh bho Tonaidh Perkins an t-Oifigear Pròiseact ùr againn.  Chuir Tonaidh rudan air dòigh airson barrachd taic airgid fhaighinn airson an Taigh a chàradh.  Ann an 2003 bhuannaich Taigh Iseabail Dhaidh duais airson an àite as fheàrr  tadhal air, leis a’ Bhòrd Turasachd. Agus a nise……….bha an togalach ùr seo deiseil anns a’ Mhàrt 2007 agus thug sin am pròiseact seo gu crioch.  Tha an togalach seo a’ suidhe gu math leis an àrainneachd, an cultar agus an Eilean bhrèagha a tha seo.