An Faoilleach

new logo

Gearr-Sheanchais airson an coinneamh a bh’air a chumail

Dihaoine 18mh de’n Fhaoilteach 2013

 

 

 

An lathair;  Donnchadh Mac an Leigh, Jennifer Baker, Donnchadh Drysdale, Raibeart Hay, Eardsaidh MacGillebhrath, Nic Jones, Catriona NicGriogair, Freda Drysdale

Leisgeulan Barabal NicDhughaill, Iain Mac an Leigh, Lorraine King, Domhnall MacIlleDhuibh, Pauline Dowling, Mairead NidDhomhnaill, Memory NicDhomhnaill

 

Chaidh aontachadh leis na gear-sheanchais le DD agus NJ

 

Gnothaichean ag eirigh as:

Cha chuala sinn guth bho’n Comataidh an Eaglais mu dheidhinn na clachan

Feumaidh latha a bhith again airson Catriona NicIlliosa a tadhal oirnn

Fhuair DL litir bho Noelle Odling ag innse gun d’thug an teaghlach aice an glag a bh’air an Eaglais UF dhan an Taigh Tasgaidh mus deach an aite airson reic ann an 2006.  Ni JB litir suas go Daibhidh Garrett.  Cuiridh sinn foirm gu Noelle Odling airson a lionadh a staigh.

 

Daoine Ainmeil  Shaoil sinn mu dheidhinn bruidhinn ri daoine Albannaich ainmeil a bhith mar luchd-taic  airson an Taigh Tasgaidh.  Lean sinn air adhart a bruidhinn mu dheidhinn an ceann litir aig CELM, bi seo air a dheanamh suas leis an sanas ur again.  Cuiridh LK agus NJ seo air doigh.

 

Accreditation  Tha an ceann latha airson seo a nis 25mh de’n Fhaoilteach.  Tha litir air falbh gu Dtr Sharon Webb a canail gu bheil i mar Mentor an Taigh Tasgaidh.

 

Larach-Lin  Cha mhor nach eil seo deiseil  Tha an stuth deiseil airson a chuir air.  Bith e deiseil airson am fosgladh againn.

 

Coiseachd Arc-Eolas  Tha seo a dol air adhart le Dughlas Thorburn, air Didomhnaich 20mh de’n Fhaoilteach aig 2f bho’n Taigh Tasgaidh.  Bi e airson uair a thide gu leth agus a criochnachadh le cupa ti aig an cafaidh.  Feumaidh camara a bhith aig na daoine tha tighinn.

 

Cuairt Litir  An fheadhainn a tha deanamh rudeigin airson seo nam b’urrainn dhaibh ga thoirt gu BH cho luath ‘s as urrainn.  Bi JB deanamh aithris air an larach lin.

 

Ulpan  Tha seo a toiseachadh Diluain 21mh de’n Fhaoilteach.  Dh’iarr LK gum biodh na foirmean uaine air a chuir air ais gu Colaisde Earraghaiheal cho luath s as urrainn agus feumaidh an t-airgiod bhith stigh mus toisich na clasaichean.  Bha comhairle ann mu dheidhinn taic airgiod.

 

A Bhuth  ‘Se Lesley Hamilton a bhios os cionn a bhuth.  Bi coinneamh ann le Ina, DD agus NJ.

Rud sam bith eile

Laithean;  AGM – Disathairne 25mh de’n Cheiten, Ceilidh – Dihaoine 23mh de’n Lunasdal, Cluich cairtean 21mh de’n Sultainn

Tha FD air a chuir air mar ball de’n comataidh

Feumaidh sinn glanadh an seomar cruinneachadh.  Gheibh BH daoine saor-thoilich.

 

Chriochnaich an coinneamh aig 8.25

An ath choinneamh Diardaoin 21mh de’n Gearran